Aithisg Rianail Fèis Tìr a’ Mhurain 2005
Chaidh Fèis Tìr a’ Mhurain a chumail ann an Sgoil an Iochdair, Uibhist a Deas airson a’ chiad turas riamh agus bha an fhèis anns an àite ùr seo air leth soirbheachail le 110 clann-sgoile a’ dol chun na Fèis.
Bha a’ chlann seo bho na h-eileanan agus bho thìr-mòr le feadhainn a’ tighinn à Inbhir Nis, Bail’ Ùr an t-Slèibh, Loch Abar, Glaschu agus Obar Dheathain. Thathar a-nis an dòchas gum bi an Fhèis bliadhna mu seach ann an Sgoil Dhalabroig agus Sgoil an Iochdair bho seo a-mach.
Bha naoi neach-teagaisg deug air leth comasach againn a bha a’ brosnachadh agus a’ togail ùigh na cloinne ann an iomadach roinn dhe na h-ealain thraidiseanta. Na measg sin bha luchd-teagaisg à Uibhist agus Beinn a’ Bhadhla fhèin leithid Gillebrìde Mac ‘IlleMhaoil, Seonaidh Alaig MacAoidh, Alaig Dòmhnallach, Tommy Dòmhnallach, Ruairidh MacNeacail, Calum Anthony Peutan, Sorcha Sìne Nic an t-Saoir, Ceit Dhòmhnallach, Sìne Ward, Catrìona Steele, Caitlin NicAonghais , Minnie Nic ‘IllFhialain, Catrìona Eunson agus Màiri Nic ‘IlleDhuibh. Thàinig feadhainn eile na b’ fhaide gus teagasg aig an Fhèis leithid Màiri Mhoireasdan, Aonghas MacNeacail, Colla Dòmhnallach, Kryss Ann NicLeòid agus Griogair Lawrie.
Chaidh cèilidh nan luchd-teagaisg a chumail ann an Talla Naomh Peadair ann an Dalabrog air feasgar Dimàirt agus bha seinn is dannsa gu leòr an sin. Chòrd an luchd-teagaisg cho math ris an luchd-èisteachd ‘s cha mhòr nach do rinn iad toll anns an ùrlar leis mar a bha iad a’ bualadh an casan ris a’ bhuille! Chòrd an oidhche ris a h-uile duine.
Chaidh seisean ciùil a chumail ann an Taigh-òsta Loch Baghasdail air oidhche Dhiardaoin. Bha luchd-ciùil bhon àite fhèin a’ seinn agus a’ cluich còmhla ris na luchd-teagaisg agus bha deagh oidhche de chèol, ‘s de dhannsa agus de sheinn aig a h-uile duine a bha a’ làthair.
Thàinig an t-seachdain gu crìoch le Cèilidh na Cloinne air Dihaoine – deagh chothrom dha na pàrantan agus dhan choimhearsnachd fhaicinn cho tàlantach agus a tha a’ chlann.
Air sàilibh a’ mhoineachaidh – a chaidh a thoirt le Stòras Leasachaidh Coimhearsnachdan Croitearachd, Fèisean nan Gàidheal, Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd na Gàidhlig – agus obair na comataidh agus luchd-cuideachaidh, bha an cèilidh agus an Fhèis anns an fharsaingeachd air leth soirbheachail agus chòrd i gu mòr ris a h-uile duine.